Skip to main

Seata innealan Sgilean-meata

Cha robh ùine ann roimhe far an robh e nas cudromaiche fòcas a dhèanamh air leasachadh sgilean nan òganach. 

Bidh a’ solarachadh àrraineachd ionnsachaidh far a bheil; faicsinneachd nan sgilean, còmhradh brìoghmhor agus cnuasachadh air sgilean, agus an cothrom gus eòlasan nan sgilean a chur ann am pròifil a’ toirt taic do dh’òganaich leis an comas aca tuigsinn, aithneachadh agus mìneachadh leasachadh nan sgilean aca.   Le bhith a’ gabhail seo a-steach na pàirt nàdarra ionnsachadh is teagasg làitheil bidh òganaich air am brosnachadh a bhith - luchd-ionnsachaidh soirbheachail, daoine misneachail, saoranaich earbsach agus com-pàirtichean èifeachdach - agus aig an deireadh a’ leigeil leotha an comas as motha a ruigsinn tron slighe ionnsachaidh aca agus air adhart.  

Chaidh an seata innealan seo a leasachadh tro co-chomhairle le luchd-fhoghlaim agus com-pàirtichean eile gus sreath ghoireasan a chruthachadh a bhios a’ toirt taic do sgilean leabaichte an luchd-cleachdadh ann an dòigh so-riaghladh agus seasmhach. 

Chan eil an dòigh-obrach seo riatanach agus chaidh an seata innealan a sholarachadh mar goireas airson an fheadhainn a bhios ag iarraidh taic, a bhios a’ strì airson ùine no beachdan, no a bhios a’ coimhead airson beagan grad-smuain agus stiùireadh nuair a tha iad a’ leasachadh an dòigh-obrach aca fhèin gus sgilean fhighe a-steach thar a’ churraicealaim air fad. Nach cleachdaibh iad mar a dh’iarras sibh. 

Cothroman co-obrachail

Ma tha ùidh agaibh a bhith a co-obrachadh comhla rinn, feuch an clàraich thu d’ ùidh agus bidh sinn air ais ann an conaltradh.

Clàraich d’ ùidh

Clàraich airson ar litir-naidheachd

Tha an litir-naidheachd againn a toirt fiosrachadh às ùr gu cunbhalach do thidsearan agus luchd-cleachdaidh air feadh Alba.

Cuir d’ainm ris

Cuir fios gu sgioba an Fhoghlam

Cuir fios gu sgioba an Fhoghlam airson beachdachadh air de tha sibh feumach air agus ciamar as urrainn dhuinn taic a thoirt dhut le ar rùintean a thaobh foghlam dreuchdail.

Faigh a-mach tuilleadh