Skip to main

Làrach Mheata-Sgilean

Air a leasachadh le taic bho luchd-cleachdaidh, agus an luchd-ionnsachaidh air feadh Alba, chaidh Làrach Mheata-Sgilean a chruthachadh mar ghoireas a dh’fhaodte a chleachdadh taobh a-staigh co-theacsa stèidhichte air cluich, gus taic a chur ri ionnsachadh nas doimhne mu bhun-bheachd mheata-sgilean, agus aig an aon àm a’ tabhann chothroman air na sgilean sin a chleachdadh.

Pàipear stiùiridh

Tha am pàipear stiùiridh seo a’ toirt seachad barrachd fiosrachaidh mionaideach mun leasachadh air Làrach Mheata-Sgilean, na dhà-dheug charactaran agus an t-sreath de ghoireasan làithreach.

Postairean 

Tha an cruinneachadh seo de phostairean caractair na Làraich Mheata-Sgilean airson faicsinneachd mheata-sgilean a mheudachadh taobh a-staigh na h-àrainneachd ionnsachaidh.  Tha gnàthaichearan air am misneachadh gu na postairean a chleachdadh mar inneal taic do dheasbad agus meòrachadh air leasachadh mheata-sgilean leis an luchd-ionnsachaidh aca.

Dian

Chan eil dàin ri fhaighinn sa Ghàidhlig - Dàin Fearainn Mheata-Sgilean (Beurla)

Cairtean ionnsachaidh

Tha an seata seo de chairtean ionnsachaidh air a leasachadh airson tuilleadh taic do luchd-ionnsachaidh le an tuigse do mheata-sgilean. Tha teamplaid a ghabhas a deasachadh ri faotainn nam biodh tu airson d’ iomraidhean fhèin a leasachadh.

Dìsnean caractair

Tha dìsnean caractair nan goireas chom-pàirteachail agus èifeachdach airson do chlas a chuideachadh ann an leasachadh an sgilean seanchais.

Pupaidean meòir

Faodaidh pupaidean meòir sgeulachdan a thoirt beò le comas air taic a chur ri leasachadh air na meata-sgilean uile.

Ìceanan caractair Làrach Meata-Sgilean

Anns an t-slaighd PowerPoint seo, tha ìomhaighean de na 12 charactaran den Làraich Mheata-Sgilean. Faodaidh gnàthaichearan iad sin a chleachdadh gus an goireasan fhèin a chruthachadh agus a leasachadh, a tha a’ cur taic ri meata-sgilean a leabachadh tarsainn a’ churraicealam.

Duilleagan dathaidh

Gabhaidh an cruinneachadh seo de dhuilleagan dathaidh an cleachdadh mar thaic ann a bhith a’ cur an aithne caractaran na Làraich Mheata-Sgilean le luchd-ionnsachaidh.

 

Contact the Education Team

Contact the Education team to discuss your requirements and how we can support you in your ambitions around career education.

Opens in a new window Get in touch

Sign up to our newsletter

Our newsletter provides regular updates to teachers and practitioners across Scotland.