Goireasan eile
Gus taic a bharrachd a thoirt do luchd-cleachdadh chaidh goireasan eile a leasachadh airson cleachdadh taobh a-staigh ionnsachadh agus teagasg.
Postairean sgilean-meata
Thathar an dùil gun cuidich an cruinneachadh postairean seo ann an faicsinneachd nan sgilean-meata a mheudachadh taobh a-staigh an àrraineachd ionnsachaidh. Thathar a’ brosnachadh luchd-cleachdadh gus na postairean a chleachdadh mar inneal gus taic a thoirt do beachdachadh agus meòrachadh air leasachadh nan sgilean-meata còmhla ris an luchd-ionnsachaidh aca.
Ìomhaigheagan Sgilean-meata
Tha an slaighd PowerPoint seo a’ sealltainn dealbhan na 12 ìomhaigheagan sgilean-meata uile. Faodaidh luchd-cleachdaidh seo a chleachdadh gus na goireasan aca fhèin a chruthachadh agus a leasachadh a chuireas taic ri fighe a-steach sgilean-meata thar a’ churraicealaim.
Postairean so-fhreagarraichte nan sgilean-meata
Chaidh na postairean a ghabh a deasachadh seo a leasachadh gus taic a bharrachd a thoirt do thuigse an luchd-chleachdaidh agus an luchd-ionnsachaidh air na sgilean-meata.
Aig an toiseach bu chòir do luchd-chleachdaidh còmhradh a ghabhail gus eisimpleirean mìneachail a leasachadh agus aontachadh air mar a thèid na sgilean-meata a chur gu feum no a leasachadh ann an roinn an luchd-ionnsachaidh/a’ churraicealaim aca. Bu chòir do na h-eisimpleirean seo a bhith air an cur ri teamplaidean a ghabh a dheasachadh agus air an thaisbeanadh ann an seòmraichean/trannsaichean gus am faod luchd-ionnsachaidh tòiseachadh air na ceanglaichean fhaicinn eadar cur an gnìomh agus leasachadh nan sgilean-meata thar a’ churraicealaim air fad.
- postair fhèin-riaghladh so-fhreagarraichte
- postair tuigse sòisealta so-fhreagarraichte
- postair ùr-ghnàthachas so-fhreagarraichte
Nam bu toil leibh eisimpleirean a cho-roinn air mar a chleachd sibh na goireasan seo còmhla ri luchd-ionnsachaidh, nach cuiribh iad gu Sgioba an Fhoghlaim SDS aig education@sds.co.uk
Cothroman co-obrachail
Ma tha ùidh agaibh a bhith a co-obrachadh comhla rinn, feuch an clàraich thu d’ ùidh agus bidh sinn air ais ann an conaltradh.
Clàraich d’ ùidhClàraich airson ar litir-naidheachd
Tha an litir-naidheachd againn a toirt fiosrachadh às ùr gu cunbhalach do thidsearan agus luchd-cleachdaidh air feadh Alba.
Cuir d’ainm risCuir fios gu sgioba an Fhoghlam
Cuir fios gu sgioba an Fhoghlam airson beachdachadh air de tha sibh feumach air agus ciamar as urrainn dhuinn taic a thoirt dhut le ar rùintean a thaobh foghlam dreuchdail.