Planaichean an Leasain
Tha sreath planaichean an leasain seo ag amas ri taic a thoirt do luchd-cleachdadh ann am fighe a-stech nan sgilean-meata thar a’ churraicealaim.
Chaidh seo a choileanadh tro measg de leasanan aon-seasmhach agus seata leasanan a thabhaicheas dòigh-obrach cuartachail.
Tha leasanan aon-seasmhach a’ solarachadh cothrom do luchd-ionnsachaidh fòcas a dhèanamh air sgilean-meata fa leth no buidhnean de sgilean-meata. Tha na leasanan seo ag amas ris an tuigse aca air sgilean-meata a dhoimhneachadh agus an comas aca altachadh na sgilean-meata a leasachadh.
Tha dòigh-obrach cuartachail mollaichte air fhaicinn fodha:
- leasanan toiseach na bliadhna – Ro-ràdh do/ath-shùil air sgilean-meata, fhèin-luachadh tòiseachaidh nan sgilean-meata le luchd-ionnsachaidh, cruthachadh plana leasachaidh nan sgilean-meata le luchd-ionnsachaidh
- leasanan meadhan na bliadhna - Thill gu fhèin-luachadh agus meòraich air adhartas, thoir ùrachadh air plana leasachaidh nan sgilean-meata
- leasanan deireadh na bliadhna - Dèan sgrùdadh agus meòrachadh air adhartas, aithnich agus glac beachdan airson leasachadh thar na h-ath-bhliadhna
Tha plana simplidh le slaighdean taisbeanaidh taiceil ann an gach leasan a dh’fhaodadh a bhith air atharrachadh gus tighinn ri cha mhòr àrraineachd ionnsachaidh sam bith.
Planaichean an Leasain – ri thighinn a dh’aithghearr
Tha na goireasan seo fo leasachadh an-dràsta.
Cothroman co-obrachail
Ma tha ùidh agaibh a bhith a co-obrachadh comhla rinn, feuch an clàraich thu d’ ùidh agus bidh sinn air ais ann an conaltradh.
Clàraich d’ ùidhClàraich airson ar litir-naidheachd
Tha an litir-naidheachd againn a toirt fiosrachadh às ùr gu cunbhalach do thidsearan agus luchd-cleachdaidh air feadh Alba.
Cuir d’ainm risCuir fios gu sgioba an Fhoghlam
Cuir fios gu sgioba an Fhoghlam airson beachdachadh air de tha sibh feumach air agus ciamar as urrainn dhuinn taic a thoirt dhut le ar rùintean a thaobh foghlam dreuchdail.