Skip to main

Lonnsachadh Proifeasanta

Tha Sgioba an fhoghlaim SDS air sreath goireasan Ionnsachadh Proifeasanta Fad-dreuchd (CLPL) a chruthachadh gus taic a thoirt do luchd-chleachdaidh leis an tuigse a th’ aca air sgilean-meata.   

Le bhith a’ cleachdadh measg de mhodailean ionnsachadh-d, bùthan-obrach air loidhne agus aghaidh ri aghaidh, bidh luchd-cleachdaidh: 

  • a’ togail eòlais air na prìomh dhràibhearan agus poileasaidhean air cùl fighe a-steach sgilean thar a’ churraicealaim 
  • a’ faighinn cothroman airson meòrachadh air practas a tha ann an-dràsta 
  • ag aithneachadh nan ath-cheuman a dh’fheumar a ghabhail 
  • a’ faighinn molaidhean air mar a dh’fhaodar fighe a-steach na sgilean-meata a thoirt air adhart ann an dòigh so-riaghladh agus seasmhach. 

Tha tuairisgeulan agus ceanglaichean ri bhideothan tòiseachaidh nam modailean agus nam bùthan-obrach a tha againn mar-thà rim faighinn fodha.   

Fighe a-steach sgilean - Tha am bùth-obrach seo a’ beachdachadh air carson a tha leasachadh nan sgilean cho cudromach agus a’ coimhead air cuid de na dùbhlain agus dòighean-obrach practaigeach airson sgilean a dhèanamh nas lèirsinneach, a’ togail cànan choitcheann nan sgilean, agus a’ fighe sgilean a-steach thar a’ churraicealaim.  

A’ pròifileadh nan sgilean a’ cleachdadh Mo Shaoghal Obrach - Tha am bùth-obrach seo a’ rannsachadh ciamar am faod Mo Shaoghal Obrach taic a thoirt do dòigh-obrach cunbhalach agus leantainneach airson sgilean a phròifileadh a chuidicheas luchd-ionnsachaidh gus na sgilean aca aithneachadh, mìneachadh agus glacadh. Tha e a’ toirt a-steach nan sgilean-meata mar frèam-obrach cumanta comasach nan sgilean agus na h-innealan agus goireasan Mo Shaoghal Obrach a bheir taic ri seo; a’ gabhail a-steach pròifil sgilean Mo Shaoghal Obrach a thèid leis an luchd-ionnsachaidh air an slighe aca tro agus às dèigh na sgoile.  

 

Cothroman co-obrachail

Ma tha ùidh agaibh a bhith a co-obrachadh comhla rinn, feuch an clàraich thu d’ ùidh agus bidh sinn air ais ann an conaltradh.

Opens in a new window clàraich d’ ùidh

Clàraich airson ar litir-naidheachd

Tha an litir-naidheachd againn a toirt fiosrachadh às ùr gu cunbhalach do thidsearan agus luchd-cleachdaidh air feadh Alba.

Cuir fios gu sgioba an Fhoghlam

Cuir fios gu sgioba an Fhoghlam airson beachdachadh air de tha sibh feumach air agus ciamar as urrainn dhuinn taic a thoirt dhut le ar rùintean a thaobh foghlam dreuchdail.

Faigh a-mach tuilleadh