Loidhne-cobhair Thoraidhean mar thaic do sgoilearan le toraidhean SQA
Faodaidh daoine òga loidhne-cobhair a dh’aon ghnothaich fhònadh a tha a’ tabhann comhairle eòlach do neach sam bith a tha a’ faotainn làn toraidhean Àrd-Ire, Nàiseanta, agus Adhartach air Dimàirt 5 Lùnastal 2025.
Bidh e comasach do na sgoilearan agus oileanaich – còmhla ri am pàrantan agus luchd-cùraim – taic fhaotainn le an toraidhean tro Loidhne-cobhair Thoraidhean Leasachadh Sgilean Alba (SDS), a bhios fosgailte bho 8m air latha nan toraidhean.
Bidh comhairlichean dhreuchdan eòlach a’ frithealadh Loidhne-cobhair Thoraidhean SDS uair eile gus taic a thoirt do neach sam bith aig a bheil feum air cuideachadh le an roghainnean agus na h-ath cheumannan, a’ toirt seachad fiosrachadh, comhairle agus stiùireadh dreuchdail neo-phàirteach.
Bidh sgioba de chomhairlichean teisteanaichte bho bhuidheann sgilean nàiseanta na h-Alba air an loidhne gus stiùireadh a thabhann mu cholaistean agus oilthighean, Dearbhadh agus Clìoradh UCAS, preantasachdan, obraichean is trèanadh eile, obair shaor-thoileach, no leantainn orra san sgoil.

Is i 0808 100 8000 an àireamh airson Loidhne-cobhair Thoraidhean SDS 2025 agus bidh i fosgailte:
-
Dimàirt 5 agus Diciadain 6 Lùnastal - 8m gu 8f
-
Diardaoin 7 agus Dihaoine 8 Lùnastal - 9m gu 5f
Thuirt Daibhidh MacCaluim, Ceannard Fiosrachaidh Dhreuchdan, Comhairle is Stiùireadh Obrachaidhean aig SDS: “Is e ar teachdaireachd do dhaoine òga agus am pàrantan is luchd-cùraim nuair a thig na toraidhean aca, gun cus dragh a ghabhail. Dh’fhaodadh gum bi a h-uile nì a’ faireachdainn doirbh an-dràsta fhèin ach cuimhnich nach eil an seo ach aon cheum air an t-slighe aca.
“Tha ar comhairlichean fiosrachail an seo gus taic agus stiùireadh eòlach a sholarachadh, a’ tabhann fiosrachadh mu raon fharsaing de roghainnean agus chothroman. Tha iad air an trèanadh cuideachd gus daoine òga a chuideachadh le tuigsinn gur e barrachd na toraidhean an deuchainnean a tha seo, a’ toirt dhaibh misneachd gus an neartan agus an comasan fhaicinn seachad air teisteanasan.”
Tha Seonag NicDhonnchaidh, Comhairliche Dhreuchdan SDS, na pàirt de sgioba Loidhne-cobhair Thoraidhean, a bhios a’ gabhail bhrathan bho dhaoine òga, pàrantan agus luchd-cùraim bho air feadh na dùthcha. Thuirt Seonag: “Eadar nach d’ fhuair daoine òga na toraidhean a bha iad an dòchas, no gun robh iad fada seachad air na bha dùil aca, tha sinn an seo gus an cuideachadh a’ dèanamh an slighe tro na h-ath cheumannan agus dèanamh cho-dhùnaidhean mu an àm aca ri teachd.”
Tha Loidhne-cobhair Thoraidhean SDS air a bhith an làthair airson 33 bliadhna agus air na deichean de mhìltean de dh’Albannaich òga a chuideachadh.
Tha comhairliche dhreuchdan SDS co-cheangailte ris gach àrd-sgoil ann an Alba, le faisg air cairteal mhillein de sgoilearan bho P7 gu ÀS6 a’ faotainn fiosrachadh, comhairle agus stiùireadh dhreuchdan gach bliadhna*.
Thuirt Jenny Gilruth, an Rùnaire Foghlaim: “Tha a leithid de dhiofar dhòighean aig daoine òga air an teisteanasan fhaotainn, le mòran dhiubh a’ coimhead air adhart gu dùrachdach ri an toraidhean a’ tighinn troimhe an ath mhìos. Tha e cudromach a dh’aindeoin nì sam bith a nì iad, gu bheil cothrom aig daoine òga agus an teaghlaichean air fiosrachadh fìor agus earbsach fhaotainn mu na h-ath chomasan san amharc. Is e sin a tha comhairlichean an loidhne-cobhair aig Leasachadh Sgilean Alba a’ solarachadh.
“Mholainn do gach neach a tha a’ coimhead airson comhairle neo-phàirteach agus eòlach mu na roghainnean a tha rim faotainn, eadar gu bheil sin san obair, trèanadh no barrachd ionnsachaidh, beachdachadh air fios a chur gu an loidhne-cobhair.”
Tha Leasachadh an Sgioba-obrach Òg (DYW) a’ cuideachadh dhaoine òga le deisealachadh airson an t-saoghail obrach le bhith a’ dèanamh ceangal dhaibh le fastaichean agus gan cuideachadh le raon farsaing de shlighean dreuchdail a rannsachadh. Tha Co-òrdanaichean DYW stèidhichte ann an àrd-sgoiltean air feadh Alba, ag obair taobh ri taobh le comhairlichean dhreuchdan SDS gus taic a thoirt do sgoilearan leis na h-ath cheumannan.
Thuirt Michelle Fenwick, Stiùiriche – Pròiseactan Nàiseanta DYW: “Mar a tha toraidhean gam foillseachadh, tha e cudromach gu bheil fios aig daoine òga gu bheil mòran shlighean gu soirbheachas agus gu bheil taic an sin dhaibh. Tro ar n-iomairt #NoWrongPath, agus ann an com-pàirteachas le SDS, tha sinn a’ cuideachadh dhaoine òga gu tuigsinn gu bheil an saoghal obrach làn chothroman. Eadar gu bheil neach òg a’ dol tro fhoghlam adhartach no foghlam àrd-ìre, trèanadh, cosnadh no fhathast a’ beachdachadh air an roghainnean – is e fìor dheagh dhòigh a th’ anns an Loidhne-cobhair Thoraidhean air stiùireadh, ath-mhisneachadh, agus faireachdainn den t-slighe air adhart fhaotainn.”
A thuilleadh air Loidhne-cobhair Thoraidhean SDS, faodaidh daoine òga agus am pàrantan is luchd-cùraim labhairt ri comhairliche SDS aig ionad SDS no ionad coimhearsnachd (faigh a-mach dè tha faisg ort le tadhal air duilleag Cuir Fios Thugainn air làrach-lìn SDS), tadhal air làrach-lìn fiosrachaidh is comhairle dhreuchdan na h-Alba, Mo Shaoghal Obrach, no labhirt dìreach ri comhairliche dhreuchdan SDS stèidhichte san sgoil airson taic fad na bliadhna.
*Stèidhichte air an dàta bliadnail as ùire de chonaltraidhean SDS CIAG le sgoilearan Prìomh 7 gu Àrd-sgoil 6 ann an Alba tron bhliadhna acadaimigeach Ògmhios 2024 – Cèitean 2024.