Plana ùr a’ cur fòcas air àrdachadh cleachdadh is ionnsachadh na Gàidhlig
Tha SDS Gaelic Language Plan 2026-29 a’ mìneachadh raon de ghnìomhachdan gus cleachdadh agus ionnsachadh na Gàidhlig a mheudachadh ann am foghlam, gnìomhachas agus an eaconamaidh san fharsaingeachd, a bharrachd air taobh a-staigh SDS fhèin.
Air fhoillseachadh le cead Bhòrd na Gàidhlig, is e seo an ceathramh plana a tha SDS air chur air bhog, agus tha e a’ togail air an adhartas a chaidh a dhèanamh sna bliadhnaichean mu dheireadh, a’ gabhail a-steach co-obrachadh le com-pàirtichean gus dreuchdan Gàidhlig adhartachadh agus iomairtean leithid prògram Tog Riaghaltas na h-Alba a lìbhrigeadh.
Tha am plana ùr a’ co-thaobhadh ri Plana Nàiseanta na Gàidhlig 2023–28 agus tha e a’ nochdadh miann nàiseanta nas fharsainge gus a’ Ghàidhlig fhàs, le taic bho Achd nan Cànan Albannach 2025, a tha a’ daingneachadh inbhe na Gàidhlig ann an Alba.
Thuirt Damien Yeates, Àrd-Oifigear air SDS: “Tha Gàidhlig na pàirt bhunaiteach de dhearbh-aithne is dualchas cultarach na h-Alba, a’ tabhann uinneag air an àm a dh’fhalbh agus cothroman san àm ri teachd gus buannachd eaconamach is sòisealta a thoirt don dùthaich.

“Tha am plana as ùire againn a’ togail air an adhartas a chaidh a dhèanamh sna bliadhnaichean mu dheireadh, bho bhith a’ leantainn air adhart leis an tachartas bhliadhnail Dreuchdan Gàidhlig ann an com-pàirteachas le Comhairle na Gàidhealtachd, gu bhith a’ lìbhrigeadh ar gealltanasan fo iomairt Tog aig Riaghaltas na h-Alba.
“Leanaidh sinn oirnn ag obair gu dlùth le Riaghaltas na h-Alba agus ar com-pàirtichean gus ar n-amas co-roinnte a thoirt air adhart – cleachdadh agus ionnsachadh na Gàidhlig a mheudachadh.”
Tha Gàidhlig na pàirt bhunaiteach de dhearbh-aithne is dualchas cultarach na h-Alba, a’ tabhann uinneag air an àm a dh’fhalbh agus cothroman san àm ri teachd gus buannachd eaconamach is sòisealta a thoirt don dùthaich.

Damien Yeates
Àrd-Oifigear air Leasachadh Sgilean nah-Alba
Am measg nan dealasan àrd-ìre sa phlana tha:
- Meudachadh cleachdadh is ionnsachadh na Gàidhlig ann an gnìomhachas agus san eaconamaidh
- Meudachadh cleachdadh is ionnsachadh na Gàidhlig ann am foghlam 0–18
- Meudachadh cleachdadh is ionnsachadh na Gàidhlig taobh a-staigh na roinne inbheach/iar-sgoile
Rè beatha a’ phlana, lìbhrigidh SDS prògram ghnìomhachdan a tha ag amas air faicsinneachd, cleachdadh agus luach na Gàidhlig àrdachadh air feadh na h-Alba, agus aig an aon àm a’ cumail orra a’ toirt taic do dhaoine fa leth, fastaichean agus coimhearsnachdan gus cothroman fhaighinn tron chànan.
Cumhaidh SDS sùil air adhartas gach bliadhna agus bheir iad aithris do Bhòrd na Gàidhlig mar phàirt de na dleastanasan reachdail aca
Faigh a-mach tuilleadh
Leugh SDS Gaelic Language Plan 2026-29