Skip to main

Bursaraidh Teagaisg a’ cuideachadh Eilidh le dreuchd teagaisg a leantainn

Tha e air a bhith comasach do bhanaltram chloinne à Steòrnabhagh dreuchd-beatha ùr a leantainn mar thoradh air Bursaraidh Teagaisg ann an Alba.

Bha Eilidh Oliver ag obair mar bhanaltram chloinne air feadh na RA agus ann an Sealain Nuadh airson sia bliadhna, agus an uair sin mar thidsear sgoil-àraich mus do cho-dhùin i gun robh i airson dreuchd mar thidsear bhun-sgoile a leantainn. 

Thuirt Eilidh: “Is fìor thoigh leam a bhith ag obair le clann, ach fhuair mi an obair mu dheireadh agam gu math sàrachail. Bha mi cuideachd airson mo sgilean Gàidhlig a chleachdadh nam obair, agus mar sin choimhead mi ri dreuchd mar thidsear bhun-sgoile ann an Gàidhlig.”

Thuirt i cuideachd: “Fhad ’s a bha mi a’ rannsachadh a bhith nam tidsear bun-sgoile ann an Alba, thàinig mi tarsainn air ceangal san robh fiosrachadh mun bhursaraidh teagaisg.   An toiseach, bha mi iomagaineach mun phròiseas tagraidh agus am fiosrachadh a dh’fheumainn a thoirt seachad, ach nuair a thàinig e gu h-aon ’s gu dhà bha e gu math sìmplidh. Chùm an neach a bha a’ dèiligeadh leis an tagradh agam, ceart mi a thaobh na dh’fheumainn a dhèanamh.”

Eilidh Oliver

Air fhosgladh do thagraichean ùra bhon Chèitean 2026 le Leasachadh Sgilean na h-Alba, tha am bursaraidh de £12,500 ri fhaotainn sa bhliadhna ùr acadaimigeach fhad ’s a thathar a’ dèanamh sgrùdadh airson PGDE ann am Matamataig, Saidheans Coimpiutaireachd, Foghlam Teicneòlais, Fiosaig, Ceimigeachd, Eaconamas Dachaigh agus Nua-chànanan.

Bha Eilidh soirbheachail san tagradh aice airson bursaraidh agus thar na bliadhna mu dheireadh, tha i air a bhith ag ionnsachadh Teagasg Bun-sgoile tro Mheadhan na Gàidhlig aig UHI ann an Steòrnabhagh. Bha an cùrsa na mheasgachadh de dh’ionnsachadh air an àrainn, ionnsachadh aig an taigh agus greisean-gnìomhachais san sgoil.

Thuirt i: “Tha an cùrsa air a bhith fìor mhath. Tha mi air a dhol tro mheasgachadh de dh’fhaireachdainnean – uaireannan den bheachd  ‘chan urrainn dhomh seo a dhèanamh’ agus làithean eile a’ fàireachdainn mìorbhaileach agus a’ smaoineachadh ‘is urrainn dhomh seo a dhèanamh’! Bha mòran ri ionnsachadh ann an ùine ghoirid.”

Tha Eilidh air deireadh a chur air a’ chùrsa aice agus a’ crìochnachadh nan ceumannan mu dheireadh gus a bhith clàraichte mar thidsear.

Thuirt i: “Tha mi air clàradh airson na bliadhna pròbhaidh, agus air m’ fhastadh gu Comhairle nan Eilean Siar. Tha mi anabarrach toilichte a bhith a’ fuireach san raon ùghdarrais ionadail agam.

“Ma bhios mi a’ teagasg clann ann am P1-P3, bidh mi gan teagasg gu tur ann an Gàidhlig, agus ma bhios mi a’ teagasg clann ann am P4-P7, ’s e Gàidhlig sa mhòr-chuid le beagan Beurla.”  

Mholadh Eilidh do dhaoine a tha gu bhith a’ dèanamh sgrùdadh airson PDGE anns na cuspairean buntainneach, tagradh a chur a-steach airson bursaraidh.  

Thuirt i: “Gun bhursaraidh, is dòcha nach biodh e comasach dhòmhsa m’ obair fhàgail airson trèanadh mar thidsear. Dh’fhaodadh gum biodh agam ri feitheamh dà bhliadhna eile, ach leis a’ bhursaraidh smaoinich mi gum b’ urrainn dhomh dha-rìribh a dhol air adhart agus seo a dhèanamh san raon-ama a bha mi ag iarraidh. Às aonais a’ bhursaraidh, bha e air a bhith mòran nas doirbhe.

“Mholainn gu tur do dhaoine eile tagradh airson bursaraidh teagaisg. Tha fios agam air daoine eile a tha air a dhol tro thrèanadh mar thidsear às aonais. Tha sin gu follaiseach ag adhbhrachadh uallach a bharrachd ma tha thu a’ smaoineachadh mu do bhuidseat a thuilleadh air an ionnsachadh agus na greisean gnìomhachais is nithean eile – tha am bursaraidh dha-rìbh a’ cuideachadh.”