Skip to main
07 July 2025

Co-chomhairleachadh Plana Gàidhlig SDS 2025-28

Our organisation

Tha co-chomhairleachadh poblach a’ dol air adhart às leth dreachd Plana Gàidhlig Leasachadh Sgilean na h-Alba (SDS) 2025-28, a’ cuimseachadh air mar as urrainn dhaibh taic a thoirt don chànan ’s don chultar ann an Alba.

Tha SDS dealasach a thaobh taic agus leasachadh na Gàidhlig, agus mar bhuidheann poblach nàiseanta ann an Alba, is e ar dleastanas cur a dh’ionnsaigh aithne don Ghàidhlig mar mhaoin eaconamach is cultarach do na h-uile.

Tha an co-chomhairleachadh a’ sireadh in-chur air gealltanasan agus gnìomhan  SDS a thaobh Gàidhlig adhartachadh taobh a-staigh ar raon buaidhe. Tha seo a’ co-thaobhadh le Plana Gàidhlig Riaghaltas na h-Alba agus Achd na Gàidhlig (Alba) 2005, a tha ag amas air cleachdadh, ionnsachadh agus ìomhaigh dhearbhach don Ghàidhlig àrdachadh.

Bidh seo mar an ceathramh eagran de phlana SDS, a’ togail air eòlas bho bhuileachadh air planaichean roimhe seo, agus anns a bheil gnìomhachdan àrd-amasail do SDS san àm ri teachd. 

Tha am plana a’ moladh structar foirmeil air ar taic don Ghàidhlig, a’ nochdadh dealas làidir tro SDS air fad airson Gàidhlig fhaicinn a’ soirbheachadh. Tha e a’ còmhdach raointean leithid meudachadh air cleachdadh na Gàidhlig ann an obair SDS, ag adhartachadh ionnsachadh na Gàidhlig, agus ag àrach aithneachadh dearbhach air a’ chànan.

Tha e a’ leantainn air adhart a’ taisbeanadh ar dealais bhuidheannail do:  

  •  Àrdachadh air cleachdadh na Gàidhlig
  •  Meudachadh air ionnsachadh na Gàidhlig
  •  Adhartachadh ìomhaigh dhearbhach air Gàidhlig  

Faodaidh iadsan a tha a’ freagairt, an dreachd plana a leughadh anns an dà chuid Beurla agus Gàidhlig.

Faodaidh sibh freagairt air post-d, fòn agus ann an sgrìobhadh gu:

Derek MacCoinnich

Oifigear Gàidhlig

Leasachadh Sgilean na h-Alba

1-5 Sràid na h-Eaglaise

Inbhir Nis

IV1 1DY

Post-d: derek.mackenzie@sds.co.uk

Fòn: 01463382986

Tha an co-chomhairleachadh a’ ruith bho 7 Iuchar gu 18 Lùnastal.