Skip to main
10 November 2023

‘Siuthad!’ Tachartas dhreuchdan Gàidhlig a’ tilleadh gu Eden Court

Thàinig luchd-labhairt òg na Gàidhlig bho àrd-sgoiltean air feadh sgìre Chomhairle na Gàidhealtachd còmhla ri Leasachadh Sgilean na h-Alba (SDS) agus Comhairle na Gàidhealtachd air Diardaoin 9 Samhain san Eden Court ann an Inbhir Nis, airson a’ chiad Siuthad! aghaidh ri aghaidh bho 2019.

Scotland's career services

Tha an tachartas eagraichte le Comhairle na Gàidhealtachd agus SDS le maoineachadh a’ tighinn bho Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean (HIE) agus Bòrd na Gàidhlig.

B’ e amas an tachartais tro Mheadhan na Gàidhlig, fiosrachadh mu dhreuchdan Gàidhlig a thoirt gu aire agus cothroman Gàidhlig fhollaiseachadh ann an roinnean far a bheil sgilean Gàidhlig nam buannachd. Bha an tachartas cuimsichte air luchd-labhairt fileanta ann an Gàidhlig ann an ÀS1 gu ÀS3, a’ ceadachadh do na sgoilearan barrachd chothroman foghlaim àrd-ìre is ìre adhartach a rannsachadh far am faodadh cleachdadh air an sgilean Gàidhlig a bhith aig teis-meadhan an cuid soirbheachaidh.  

Chaidh an tachartas fhosgladh le Lana Pheutan, neach-labhairt Gàidhlig às an Eilean Sgitheanach, a tha glè aithnichte ann an roinn nan gnìomhachasan cruthachail, agus thug i iomradh air a slighe dhreuchdail a’ cleachdadh na Gàidhlig.

Anns an tachartas bha raon margaideachd / taisbeanaidh air a dhèanamh suas de dh’àireamh de thaisbeanairean a’ gàbhail a-steach Bòrd na Gàidhlig, Oilthigh Dhùn Èideann, Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean, Coimisean na Croitearachd, Àrainneachd Eachdraidheil Alba, agus Oilthigh na Gàidhealtachd ’s nan Eilean (UHI).

Ghabh sgoilearan com-pàirt ann am bùithtean-obrach eadar-obrachail agus chuala iad bho riochdairean roinnean, a’ gabhail a-steach nan gnìomhachasan cruthachail, foghlam agus na meadhanan didseatach, mu an obair a tha iad a’ dèanamh agus na slighean a lean iad nan dreuchdan fa leth.

Fhuair na bùithtean-obrach aoigheachd bhon BhBC, Fèisean nan Gàidheal agus an Acadamaidh Iomairt Shòisealta. Labhair cuid de na Tosgairean Òga Gàidhlig ris na sgoilearan mu an obair agus mar a tha leantainn slighe dhreuchdail Gàidhlig air cothrom a thoirt dhaibh coimhead air adhart ri beatha choileanta san àm ri teachd.

91123 Siuthad 003
Tha tachartasan mar seo cudromach airson follaiseachadh a dhèanamh air cothroman a tha fosgailte do sgoilearan tro Mheadhan na Gàidhlig. Tha iad cuideachd a’ taisbeanadh an raoin fharsaing de chothroman obrach a tha fosgailte dhaibh air am bu chòir dhaibh beachdachadh san àm ri teachd.

Derek MacCoinnich

Oifigear Leasachaidh Gàidhlig SDS

”Tha e anabarrach math a bhith a’ faicinn an tachartais a’ tilleadh le com-pàirteachas làidir ag obrachadh eadar Comhairle na Gàidhealtachd agus Leasachadh Sgilean na h-Alba. Tha cothrom air teisteanas fhaotainn agus Gàidhlig a chleachdadh san t-saoghal obrach na bhuannachd mhòr.  Tha buaidh dhearbhach aige taobh a-staigh chothroman cosnaidh de bheil mòran eisimpleirean, a’ gabhail a-steach an riaghaltas ionadail, an roinn phoblach fharsaing agus an NHS, na gnìomhachasan cruthachail, obraichean ùra, an roinn àrainneachdail, agus na meadhanan sòisealta.  

“B’ e cothrom fìor mhath a bha seo do dhaoine òga le Gàidhlig à sgoiltean air feadh na Gàidhealtachd, conaltradh le com-pàirtichean agus sgrùdadh is rannsachadh a dhèanamh air barrachd chothroman an lùib dhreuchdan co-cheangailte ri Gàidhlig. Tha fios agam gun do lorg na sgoilearan an tachartas glè fhiosrachail agus tarraingeach.”

- Calum Rothach, Cathraiche Comataidh Ghàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd

“Bha na sgoilearan againne gu mòr a’coimhead air adhart ris an tachartas seo a fhrithealadh. Tha cruaidh fheum air luchd-labhairt na Gàidhlig ann an saoghal na h-obrach agus ’s e deagh chothrom a bha an seo dhan òigridh a bhith a’ faicinn far am biodh feum air an cuid sgilean agus cuideachd gus iad fhèin a bhrosnachadh gu bhith a’ beachdachadh air na dh’fhaodadh iad dèanamh an dèidh dhaibh an sgoil fhàgail. Tha deagh mheasgachadh de dhreuchdan gu bhith air an sanasachd agus bidh cothrom aig na sgoilearan ceistean fhaighneachd mun deidhinn. Bidh e cuideachd na thlachd dhan na sgoilearan coinneachadh ri Gàidheil òga à sgoiltean eile. Abair cothrom anns gach dòigh!”

- Thuirt Catriona Nic a' Phì, Tidsear Gàidhlig aig Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis

Airson tuilleadh fiosrachaidh, cuiribh fios gu derek.mackenzie@sds.co.uk no Margaret.Mulholland@highland.gov.uk