Share this page

X

Tha dùil gum faigh sgoilearan Albannach toraidhean nan deuchainnean Àrd-Ìre, Nàiseanta agus Adhartach aca air 9 Lùnastal 2022.

Bidh cothrom aig timcheall air 142,000 sgoilear - còmhla ri am pàrantan agus an luchd-cùraim - taic fhaighinn leis na toraidhean aca tro loidhne-chuideachaidh sònraichte aig Leasachadh Sgilean na h-Alba a tha a’ toirt seachad comhairle neo-eisimeileach mu dhreuchdan.

Agus i a-nis air a bhith a’ ruith fad 30 bliadhna, bidh loidhne-chuideachaidh Leasachadh Sgilean na h-Alba 0808 100 8000 fosgailte fad seachdain bho 8m Dimàirt 9 Lùnastal gus taic a thoirt do dhuine sam bith a tha feumach air cuideachadh leis na roghainnean agus na h-ath cheumannan aca.

Thuirt Rùnaire an Fhoghlaim Shirley-Anne Somerville: “Tha Loidhne-chuideachaidh Toraidhean Leasachadh Sgilean na h-Alba na dheagh àite airson comhairle, fiosrachaidh agus stiùireadh, agus bhrosnaichinn daoine òga, agus am pàrantan is luchd-cùraim, an goireas luachmhor seo a chleachdadh ma tha ceistean aca mu na roghainnean is ath cheumannan aca, no ma tha feum aca air beagan a bharrachd fois-inntinn.

“Tha comhairlichean na loidhne-chuideachaidh air leth fiosrachail agus deònach a chuideachadh.”

Bidh comhairlichean dhreuchdan Leasachadh Sgilean na h-Alba an làthair gus comhairle a thoirt seachad mu cholaistean agus oilthighean na RA, Dearbhadh is Clioraigeadh, preantasachdan, obraichean no fiù ’s obair shaor-thoileach.

Thuirt Sharon Nic an t-Saoir, Ceannard Fiosrachadh Dhreuchdan, Comhairle agus Stiùiridh aig a’ bhuidhinn sgilean nàiseanta: “Tha fios againn gun robh mar a fhuaradh toraidhean eadar-dhealaichte do dh’òigridh agus an teaghlaichean thairis air an dà bhliadhna mu dheireadh, agus ged a cùisean a’ faireachdainn nas àbhaistiche a-nis, tha tòrr iomagain is mì-chinnt fhathast ann do sgoilearan, pàrantan agus luchd-cùraim.

“Tha e cudromach misneachd a thoirt do dhaoine, ge b’ e dè na toraidhean a th’ aca, gu bheil ar comhairlichean ann gus taic agus comhairle eòlach a thoirt seachad air na diofar roghainnean aca, ge b’ e far a bheil iad ann an Alba.”

“Faodaidh latha nan toraidhean an t-uamhas de dh’fhaireachdainnean làidir adhbharachadh. Tha an cothrom còmhradh a bhith agad le cuideigin a tha fiosrachail agus neo-phàirteach cho luachmhor. Tha sinn a’ brosnachadh a h-uile duine, a’ gabhail a-steach phàrantan agus luchd-cùraim, an t-seirbheis fheumail seo aig Leasachadh Sgilean na h-Alba a chleachdadh.”

Patrick McGlinchey, Connect

Chuir Connect, buidheann Albannach a tha ag obair gus dèanamh cinnteach gu bheil prìomh àite aig pàrantan ann am foghlam, ìmpidh air daoine fònadh gu loidhne-chuideachaidh Leasachadh Sgilean na h-Alba cuideachd.

Thuirt an Ceannard ùr, Patrick McGlinchey, a chaidh a chur an dreuchd bho chionn ghoirid: “Faodaidh latha nan toraidhean an t-uamhas de dh’fhaireachdainnean làidir adhbharachadh. Tha an cothrom còmhradh a bhith agad le cuideigin a tha fiosrachail agus neo-phàirteach cho luachmhor. Tha sinn a’ brosnachadh a h-uile duine, a’ gabhail a-steach phàrantan agus luchd-cùraim, an t-seirbheis fheumail seo aig Leasachadh Sgilean na h-Alba a chleachdadh.”

Is e an àireamh airson Loidhne-chuideachaidh nan Toraidhean 2022 0808 100 8000. Uairean fosglaidh, Dimàirt 9 agus Diciadain 10 Lùnastal - 8m gu 8f: Diardaoin 11 agus Dihaoine 12 Lùnastal – 9m gu 5f; Diluain 15 gu Diciadain 17 Lùnastal – 9m gu 5f

A bharrachd air an loidhne-chuideachaidh shònraichte a bhios a’ ruith gu 17 Lùnastal, faodaidh daoine òga agus am pàrantan no luchd-cùraim tadhal air an ionad Leasachadh Sgilean na h-Alba ionadail aca (tadhal air https://www.myworldofwork.co.uk/centres/ gus an oifis ionadail agad a lorg), rachaibh chun na làraich-lìn  My Word of Work, no bruidhinn gu dìreach ri comhairliche dhreuchdan sgoile airson taic fad na bliadhna.

Back to News & Events