Share this page

X

Young people in Scotland can call Skills Development Scotland’s (SDS) Results Helpline for dedicated results support.

The free helpline offers advice, information and guidance for young people and their parents and carers and the number to call is 0808 100 8000.

Around 145,000 pupils across the country will have their National, Highers and Advanced confirmed after receiving their provisional results earlier this summer.

Education Secretary Shirley-Anne Somerville said: “The free helpline offers young people an excellent source of advice and guidance and I’d appeal to learners who have questions about their next steps to use this valuable resource. Whether it’s practical advice about options, or reassurance following SQA results, the advisers are ready to help.”

SDS’s Head of Career Information, Advice and Guidance Operations Sharon McIntyre said: “We know that receiving results has been a very different experience for young people and their families this year. It’s important to reassure them that whatever their confirmed results are, our advisers are there to provide support and expert advice on their options.”

This year’s Results Helpline will be open from:

  • 8am-8pm on Tuesday 10th and Wednesday 11th August
  • 9am-5pm on Thursday 12th and Friday 13th August
  • 9am-5pm on Monday 16th to Wednesday 18th August

SDS’s expert careers advisers can discuss options and next steps including vacancies at UK universities and colleges, Clearing, Modern, Foundation and Graduate apprenticeships, jobs and volunteering.

This is the sixth time Inverness-based careers adviser Joan Duncan has volunteered to be part of the Results Helpline. 

This has been a year like no other for young people and it is important to recognise the challenges that’s meant for them and to reassure them that there are still options and opportunities for them. It’s equally important to let them know that whatever their results might be, our advice - as always - is don’t panic and we can help.

Joan Duncan, Careers Adviser

She said: “This has been a year like no other for young people and it is important to recognise the challenges that’s meant for them and to reassure them that there are still options and opportunities for them. It’s equally important to let them know that whatever their results might be, our advice - as always - is don’t panic and we can help.”

The SDS Helpline advisers will also be available on social media, by direct message to My World of Work on Facebook at https://www.facebook.com/myworldofwork/ or Instagram at https://instagram.com/mywowscotland.   

 

Taic Loidhne-cobhair Thoraidhean do sgoilearan na h-Alba

Comhairle air roghainnean is cothroman

Faodaidh daoine òga ann an Alba fios a chur gun Loidhne-cobhair Thoraidhean aig Leasachadh Sgilean na h-Alba (SDS) airson taic a dh’aon ghnothaich le toraidhean.

Tha an loidhne-cobhair an-asgaidh a’ tabhann comhairle, fiosrachadh agus stiùireadh do dhaoine òga agus am pàrantan is luchd-cùraim, agus is i an àireamh fòn airson fios, 0808 100 8000.

Gheibh timcheall air 145,000 sgoilear air feadh na dùthcha daingneachadh air an toraidhean Nàiseanta, Àrd-Ìre agus Ire Adhartach, an dèidh an toraidhean sealach nas tràithe as t-samhradh.

Thuirt Shirley-Anne Somerville, an Rùnaire Foghlaim: “Tha an loidhne-cobhair an-asgaidh a’ tabhann fìor dheagh bhun comhairle is stiùiridh do dhaoine òga agus dh’iarainn air luchd-ionnsachaidh sam bith aig a bheil ceistean mu na h-ath cheumannan aca, an stòras luachmhor seo a chleachdadh. Eadar gur e comhairle dhèanadach mu roghainnean a tha a dhìth no fois-inntinn a’ leantainn air toraidhean SQA, tha na comhairlichean deiseil airson cuideachadh.”  

Thuirt an Ceannard Fiosrachaidh Dhreuchdan, Comhairle agus Stiùiridh aig SDS, Sharon Nic an t-Saoir: “Tha sinn a’ tuigsinn gu bheil faighinn thoraidhean air a bhith glè dhiofraichte do dhaoine òga agus an teaghlaichean am-bliadhna. Tha e cudromach an ath-mhisneachadh a thaobh ge ’r bith dè an toraidhean dearbhte, gu bheil ar comhairlichean an seo airson taic agus comhairle eòlach a thoirt dhaibh mu an roghainnean.

Bidh an Loidhne-cobhair Thoraidhean fosgailte bho:

  • 8m-8f air Dimàirt 10mh agus Diciadain 11mh Lùnastal
  • 9m-5f air Diardaoin 12mh agus Dihaoine 13mh Lùnastal
  • 9m-5f air Diluain 16mh gu Diciadain 18mh Lùnastal

Faodaidh na comhairlichean dhreuchdan eòlach aig SDS roghainnean agus na h-ath cheumannan a dheasbad, a’ gabhail a-steach àiteachan falamh ann an oilthighean is colaistean na RA, Clìoradh, Nuadh-Phreantasachdan, Bun-Phreantasachdan agus preantasachdan Ceum, obraichean agus obair shaor-thoileach. 

Is e seo an siathamh turas a tha an comhairliche dhreuchdan stèidhichte ann an Inbhir Nis, Seonag NicDhonnchaidh, air tairgsinn obrachadh gu saor-thoileach mar phàirt den Loidhne-cobhair Thoraidhean.

Tha a’ bhliadhna seo air a bhith eu-coltach ri bliadhna sam bith eile do dhaoine òga agus tha e cudromach na dùbhlain a tha san amharc dhaibh aithneachadh, agus fois-inntinn a thoirt dhaibh gu bheil roghainnean agus cothroman ann dhaibh fhathast. Tha e a cheart cho cudromach fios a thoirt dhaibh ge ’r bith dè na toraidhean a dh’fhaodas a bhith aca, gur e ar comhairle dhaibh – an-còmhnaidh – fuireach socair agus gun urrainn dhuinne an cuideachadh.

Seonag NicDhonnchaidh

Thuirt i: “Tha a’ bhliadhna seo air a bhith eu-coltach ri bliadhna sam bith eile do dhaoine òga agus tha e cudromach na dùbhlain a tha san amharc dhaibh aithneachadh, agus fois-inntinn a thoirt dhaibh gu bheil roghainnean agus cothroman ann dhaibh fhathast. Tha e a cheart cho cudromach fios a thoirt dhaibh ge ’r bith dè na toraidhean a dh’fhaodas a bhith aca, gur e ar comhairle dhaibh – an-còmhnaidh – fuireach socair agus gun urrainn dhuinne an cuideachadh.”

Bidh comhairlichean Loidhne-cobhair SDS rim faotainn cuideachd air na meadhanan sòisealta, tro theachdaireachd dhìreach gu Mo Shaoghal Obrach (My World of Work) air Facebook aig https://www.facebook.com/myworldofwork/ no Instagram aig https://instagram.com/mywowscotland.

Back to News & Events