Share this page

X

Seirbheisean dhreuchdan sna h-Eileanan Siar gam moladh le Foghlam Alba

Tha seirbheisean dhreuchdan anns na h-Eileanan Siar air moladh àrd fhaighinn ann an aithisg bho luchd-coimhid foghlaim.

Chaidh aithisg a sheall ris an taic a tha ga tairgse le Leasachadh Sgilean Alba (SDS) fhoillseachadh le Foghlam Alba Dihaoine 31 Faoilleach.

Tha Leasachadh Sgilean Alba a’ lìbhrigeadh seirbheis dhreuchdan na h-Alba, le luchd-comhairle dhreuchd anns gach àrd-sgoil stàite ann an Alba, cho math ri lìonra de dh’ionadan-dhreuchdan.

Agus i air fhoillseachadh trì mìosan an dèidh cur-air-bhog Cairt nan Eilean Siar, a nochd rùn eadar a’ Chomhairle agus SDS barrachd sheirbheisean ceangailte a lìbhrigeadh air feadh nan eilean, tha an aithisg mothachail air an dòigh-dhèiligidh ghnìomhach is shùbailte aig an sgioba agus a’ moladh an cuid coileanaidh ann an caochladh raointean.

Thairis air na trì bliadhna a chaidh seachad, tha tomhas a’ chom-pàirteachaidh airson nan Eilean Siar air a bhith os cionn ìrean nàiseanta com-pàirteachaidh agus chan eil neach sam bith a dh’fhàg an sgoil nach eil fios mun deidhinn càite an deach iad.

Tha an aithisg, a tha a’ meas an sgioba ‘glè mhath’ anns a h-uile gin de na còig raointean, cuideachd a’ cur cuideam air dà eisimpleir de shàr-mhaitheas.

 

Tha a’ chiad fhear a’ moladh nan oidhirpean a rinneadh leis an sgioba gus an tairgse mu sheirbheisean Gàidhlig aig SDS a leasachadh agus a thoirt gu buil, a’ gabhail a-steach a’ cur ri mothachadh air an raon de chothroman an lùib dhreuchdan Gàidhlig a tha ann do dhaoine òga.

Tha an dara fear a’ cur cuideam air an taic a thug an sgioba do bhun-sgoiltean gus tuigse na cloinne air saoghal na h-obrach a leudachadh agus cuideachadh riutha gus an cuid sgilean rianachd dhreuchdan (CMS) a leasachadh. Bidh CNS a’ cur air chomas do dhaoine tuigsinn cò iad agus dè air a bheil iad math, rannsachadh a dhèanamh air an cuid amasan agus cò a tha ann a chuidicheas riutha gus na ceuman sin a ghabhail.

Tha an sgioba air frithealadh air tachartasan sna bun-sgoiltean gus sgilean a chur air adhart agus a mhìneachadh do chlann-sgoile agus do phàrantan agus chuiridh iad ri Seachdain Foghlaim Ionmhasail le bhith a’ lìbhrigeadh sheiseanan air raon nan obraichean ionmhasail agus air a’ cheangal eadar cuspairean agus saoghal na h-obrach.

Mar thoradh, tha clann-sgoile a’ dol air adhart gu S1 le barrachd tuigse air an cuid neartan agus air na cothroman a tha ann an saoghal na h-obrach.

Tha SDS a’ toirt seachad fiosrachadh, comhairle is stiùireadh saor an-asgaidh is gun chlaonadh mu dhreuchdan do dhaoine aig gach aois air feadh nan Eilean Siar, le luchd-comhairle stèidhichte ann an Sràid Fhrangain ann an Steòrnabhagh, ann an Lionacleit ann am Beinn a’ Bhaoghla; sna ceithir àrd-sgoiltean san roinn agus ann an ionadan chom-pàirtichean.

“Seo aithisg mhìorbhaileach a nochdas rùn an luchd-obrach air feadh nan Eilean Siar, agus an obair chruaidh gus fiosrachadh, comhairle is stiùireadh mu dhreuchdan a lìbhrigeadh anns an raon seo. Le dà raon cleachdaidh den chiad ìre gan comharrachadh, tha mi gu math uasal à sgioba nan Eilean Siar airson na buaidhe a bhios iad a’ toirt air beatha dhaoine san àite.”

Thuirt Anthony Standing, Ceannard Obraichean SDS

Chuir luchd-sgrùdaidh bho Fhoghlam Alba seachdain seachad a’ coimhead air obair luchd-comhairle dhreuchdan stèidhichte ann an ionadan SDS agus sna ceithir àrd-sgoiltean a bharrachd air bruidhinn ri luchd-obrach, luchd-cleachdaidh agus buidhnean-gnìomha com-pàirteachais mun fhiosrachadh aca air seirbheisean nan dreuchdan aig SDS.

Tha am fiosrachadh, a’ chomhairle agus an stiùireadh an-asgaidh is gun chlaonadh a bheir SDS seachad ann do dhaoine aig gach aois aig ìre sam bith den dreuchd aca, ann an àite sam bith ann an Alba.

Faodaidh luchd-cleachdaidh fiosrachadh is comhairle fhaighinn a sheallas ri raointean leithid roghainnean dhreuchdan, fiosrachadh mu mhargadh na saothrach, cùrsaichean-trèanaidh is preasantachdan, Cunntasan-beatha agus agallamhan.

Faodar an aithisg mu sheirbheisean dhreuchdan nan Eilean Siar a leughadh air làrach-lìn Foghlam Alba.

Faigh a-mach barrachd mu sheirbheis dhreuchdan na h-Alba aig sds.co.uk/careers

Back to News