Share this page

X

Tha amas Georgia Nic a’ Mhaoilein, nighean-sgoile à Fròbost, a bhith na tidsear bun-sgoile air ceum nas fhaisge a thoirt, mar thoradh air Preantasachd Stèidheachd.  

Tha Preantasachdan Stèidheachd fosgailte do dhaoine òga san ìre as àirde san àrd-sgoil, agus a’ cothlamadh ionnsachadh air stoidhle colaiste le greis-gnìomhachais chudromach. Bidh sgoilearan a’ faotainn teisteanas coltach ri Àrd-Ìre a dh’fhaodas iad a chleachdadh gus tagradh airson àite sa cholaiste no san oilthigh no a dhol air adhart gu Preantasachd Nuadh-aimsireil a dhèanamh. 

Tha Georgia gu làithreach a’ gabhail os làimh Preantasachd Stèidheachd Chloinne is Dhaoine Òga nan Seirbheisean Sòisealta, le oide eòlach bho Cothrom, an solaraiche trèanaidh ionadail a’ tighinn a-steach don sgoil airson clasaichean air stoidhle colaiste a lìbhrigeadh.  

Do Georgia agus a miann a bhith na tidsearbha a’ Phreantasachd Stèidheachd na chothrom ro mhath airson a leigeil seachad.  

Thuirt i: “Bha cruinneachadh againn san sgoil far an deach innse dhuinn mu na diofar roghainnean againn ann an ÀS5. Chaidh iomradh a thoirt air a’ Phreantasachd Stèidheachd agus shaoil mi gun robh coltas math air agus cho-dhùin mi a dhèanamh.” 

Sa chlas, tha Georgia a tha 16 bliadhna a dh’aois, agus a co-phreantasan a’ còmhdach chuspairean leithid dìon, leasachadh, sunnd agus conaltradh. ’S e seòrsa de dh’ionnsachadh a th’ ann a tha gu tur eadar-dhealaichte do Georgia, a tha cuideachd ag ionnsachadh chuspairean aig Àrd-Ìre ann an ceòl, Beurla agus eòlas mheadhanan a thuilleadh air matamataig aig ìre Nàiseanta 5 – ach tha i ag ràdh gu bheil an suidheachadh ùr a’ còrdadh rithe gu mòr.  

Tha na leasanan air a bhith anabarrach math,” thuirt i. Leis a’ Phreantasachd Stèidheachd, tha cothrom agad a bhith mòran nas neo-eisimeilich – feumaidh tu nithean a dhèanamh dhut fhèin agus barrachd uallach a ghabhail airson do chuid ionnsachaidh.”  

’S e a’ ghreis-gnìomhachais a’ bhuannachd as motha do Georgia. Air feasgar Diluain gach seachdain, bidh an sgoilear às a’ chòigeamh bliadhna a’ dol gu Cothrom Òg, sgoil-àraich Ghàidhlig ann an Ormacleitfar am bi i ag amharc air an luchd-obrach agus tha i air tòiseachadh a’ cuideachadh leis na seiseanan cluiche agus na leasanan cuideachd a lìbhrigeadh. 

 

Thuirt i: “Tha mi den bheachd gu bheil a’ ghreis-gnìomhachais fìor chudronmach, gu h-àraid ma thas thu airson faighinn a-steach do shuidheachadh coltach ri teagasg. Tha a’ mhòr-chuid de dh’oilthighean a’ coimhead airson eòlas le clannTha thu a’ faighinn mòran eòlais dhèantach le Preantasachd Stèidheachd bheir ort seasamh a-mach.”  

Tro a greis-gnìomhachais seachdaineach, tha Georgia ag ràdh nach eil i a-mhàin ag ionnsachadh mun obair – tha i a’ fàs na pearsa cuideachd.  

Thuirt i: Tha barrachd misneachd agam a-nis. Air greis-gnìomhachais, feumaidh tu bruidhinn ri daoine ris nach àbhaist dhut a bhith a’ bruidhinn san sgoilTha mi a’ faireachdainn gu bheil mi nas cofhurtail a’ bruidhinn ri daoine na bha mi.” 

 

Tha sgoilearan mar Georgia air feadh nan Eilean Siar a’ faotainn bhuannachdan bho Phreantasachdan Stèidheachd, le sgoiltean ag obair le solaraichean leithid Cothrom agus UHI gus stoidhle ùr ionnsachaidh a lìbhrigeadh. 

Thuirt Kirsty NicCarmaig, manaidsear aig an t-solaraiche trèanaidh, CothromTha a’ Phreantasachd Stèidheachd a’ dol air adhart gu fìor mhath. Tha na daoine òga a’ leasachadh sgilean san àite-obrach, tha iad a’ faighinn misneachd, agus an comas air an t-saoghal fhaicinn seachad air an sgoil – tha e air leth buannachdail dhaibh 

Bho shealladh an fhastaiche, tha a’ Phreantasachd Stèidheachd a’ toirt cothrom dhaibh faicinn cò ris a tha an t-àite-obrach coltach. Gu h-àraid an seo ann an Uibhist a Deas, faodaidh e a bhith doirbh daoine òga a thàladh tron dorasach leis a’ chothrom taisbeanadh dhaibh co mu dheidhinn a tha an obair agus na tha thu a’ lorg, dh’fhaodadh gun tig iad air ais thugad san àm ri teachd. Tha e math do fhastaiche sa choimhearsnachd againn sealltainn gu bheil iad deònach com-pàirteachadh ann am prògraman mar seo, a tha uile mu dheidhinn taic a chur ri daoine òga agus an roghainnean.” 

Want to know more?

Visit Apprenticeships.scot for information on becoming an apprentice and taking on an apprentice.

Back to Case Studies