Share this page

X

 

Tha lìbhrigeadh phreantasachdan ann an Gàidhlig aig cridhe a’ Phlana ùir Ghàidhlig aig Leasachadh Sgilean Alba.


Agus e air a chur air bhog an-diugh (30 Ògmhios), tha e a’ nochdadh mar a chuireas a’ bhuidheann-gnìomha taic ris a’ Ghàidhlig agus a’ cur thargaidean a thaobh soirbheachaidh.

Tha e san amharc aige Preantasachdan aig Ìre-tòiseachaidh agus Preantasachdan Ùra a lìbhrigeadh ann an Gàidhlig far a bheil feum comharraichte, a’ toirt tarraing air Slàinte is Cùram Sòisealta, cùram-cloinne agus Gniòmhachasan Cultarail mar raointean far a bheil iarrtas.

Am measg nan ceuman eile tha a bhith ag obair le com-pàirtichean gus goireasan ùra a leasachadh, fiosrachadh ris an uair mu obraichean Gàidhlig, a’ cleachdadh luchd-obrach Gàidhlig gus seirbheisean a thathar a’ lìbhrigeadh tro mheadhan na Gàidhlig anns na sgoiltean a leudachadh, a’ leasachadh ghoireasan-lìn agus a’ cur dhreuchdan ann an Gàidhlig air adhart nam measg.

Thuirt Ruairidh MacCoinnich, Oifigear Gàidhlig SDS: “Tha am Plana seo air an cruth foirmeil againn mun taic againn a chuireas sinn ris a’ Ghàidhlig gu 2020 a nochdadh, le tionnsgnaidhean ùra agus targaidean follaiseach a ghabhas ruigsinn a’ comharrachadh rùn Leasachadh Sgilean Alba ri cànan is cultar na Gàidhlig.

“Tha sinn air a bhith gu math soirbheachail bho chaidh a’ chiad phlana fhoillseachadh, rud a chaidh a chomharrachadh o chionn ghoirid nuair a’ ghlèidh sinn an Duais Ghàidhlig airson an Tachartais a’ b’ Fheàrr leis na com-pàirtichean againn airson na h-obrach againn air sreath thachartasana mu dhreuchdan Gàidhlig.

“Tha an cuideam air preantasachdan sa phlana ùr cudromach, tha sinn ag iarraidh dèanamh cinnteach gum faigh daoine òga cothrom air preantasachdan ann an dòigh-ionnsachaidh a fhreagras orra fhèin agus a bheir buannachdan dhaibh nan cuid dhreuchdan san àm air thoiseach.”

Is e Leasachadh Sgilean Alba (SDS) buidheann-gnìomha sgilean na h-Alba, ag obair gus cuideachadh ri fàs seasmhach eaconamach na h-Alba tro thaic ri daoine is gnìomhachasan gus na sgilean aca a leasachadh is a chur an gnìomh. 

Tha luchd-comhairle dhreuchdan SDS ag obair anns gach àrd-sgoil stàite ann an Alba agus bho na h-ionadan-obraichean is na h-ionadan-coimhearsnachdan aige air feadh na dùthcha.

Gus tuilleadh mu phreantasachdan fhaighinn a-mach agus rannsachadh is iarrtas mu obraichean a dhèanamh, rach gu apprenticeships.scot no gus tuilleadh fhaighinn a-mach mu sheirbheisean SDS san sgìre agad fhèin, rach gu skillsdevelopmentscotland.co.uk/in-your-area

Leugh Plana Gàidhlig Leasachadh Sgilean Alba 

Back to News